Naidheachdan
Obair air an fhrithealaiche
14mh dhen t-Sultain 2023 17:08:56
Bidh mi ag obair air an fhrithealaiche an t-seachdain seo feuch an àrdaich mi a h-uile càil.
Mar sin dheth, dh'fhaoidte gum bi am frithealaiche sìos o àm gu àm.
Bùrach air an DNS
24mh dhen Lùnastal 2023 22:19:48
Rinn mi oidhirp eile an-diugh am frithealaiche a ghluasad ach bha an dearbhadh dà-cheumnach briste an uairsin. Tha sinn air ais air an t-seann-fhrithealaiche a-nis ach tha na frithealaichean DNS fhathast troimhe-chèile. Ma tha sibh a' faicinn sgleò air na dealbhan fhathast no mura ruig sibh an làrach, sin as adhbhar.
Ma tha sibh mì-fhoighidinneach is air Linux. Seo cleas:
$ sudo nano /etc/hosts
Cuiribh an dà loidhne seo ris (le taba eadar an àireamh 's an t-ainm:
167.235.138.27 ailbhean.co-shaoghal.net
167.235.138.27 media.ailbhean.co-shaoghal.net
Bidh am frithealaiche sìos greiseag
23mh dhen Lùnastal 2023 07:55:31
Tha mi ag obair air an fhrithealaiche an-diugh. Bithibh an dùil gum bi an t-Ailbhean sìos fhad 's a bhios mi a' gluasad nithean.
Ùrachadh air an Ailbhean
12a dhen Ghearran 2023 10:16:07
Nì mi ùrachadh air Mastodon an-diugh agus bidh am frithealaiche sìos greis.
Cheannaich Musk Twitter a-raoir
27mh dhen Dàmhair 2022 09:15:44
An deasachadh mu dheireadh: 14mh dhen t-Sultain 2023 17:10:02