Dè th’ ann

Mastodon
Mastodon
 
’S e lìonra sòisealta stèidhichte air bathar-bog saor a tha sa cho-shaoghal. Mar sin dheth, ’s ann ’nar làmhan fhèin a tha e. ’S urrainn do dhuine sam bith a tha comasach air teicneolas agus aig a bheil beagan airgid frithealaiche a ruith gu neo-eisimeileach ’s a chur ris an lìonra. Nach cruthaich sinn àite dhan Ghàidhlig a tha fhathast ceangailte ris an t-saoghal mhòr?

Ma tha sibh airson sùil bheag a chur air:


Tha iad air frithealaichean a chruthaich mi fhìn. Mìnichidh mi a h-uile càil is carson a b’ fhiach bodraigeadh gu h-ìosal.

Dè tha sa cho-shaoghal no am Fediverse?



'S e lìonra de lìonraidhean sòisealta a tha sa cho-shaoghal. Saoil...
  • gum b' urrainn dhut innse do sheanail YouTube gur toigh leat video o Facebook
  • gum b' urrainn dhut beachd a sgrìobhadh fo dhealbh Instagram o Twitter

Seo an dòigh air an obraich an co-shaoghal.

A bharrachd air sin, tha a h-uile càil ’ga thogail leis na coimhearsnachdan fhèin seach a bhith fo smachd nan companaidhean teicneòlais mòra.

Dè an diofar eadar an co-shaoghal agus AbairThusa/Mygaelic?

’S e làraichean fa leth a b’ ann an AbairThusa is Mygaelic. Mar sin dheth, ged a bha e math àite sònraichte fhaighinn dhan Ghàidhlig, cha robh cothrom againn bruidhinn ri daoine air an t-saoghal mhòr fharsaing, agus sin a’ phrìomh-adhbhar nach do shoirbhich leotha.

Sa cho-shaoghal, ’s urrainn dhuinn àite sònraichte a chruthachadh dhan Ghàidhlig le loidhne-ama ionadail ach a tha ceangailte ris an t-saoghal mhòr fhathast agus ’s urrainn dhuinn daoine a leantainn a tha air frithealaichean no fiù seirbheisean eadar-dhealaichte.

Dè an diofar eadar an co-shaoghal agus na làraichean mòra mar YouTube, Facebook agus Twitter?

Seo na buannachdan a gheibh thu às:
  • Chan eil làraichean a’ cho-shaoghail sgaraichte o chàch a chèile mar a tha na làraichean mòra
  • Gheibh thu loidhnichean-ama san òrdugh a thig na postaichean a-steach
  • Cha dèid postaichean fhalach uat gun iarraidh
  • Tha e suas ris an luchd-cleachdaidh dè na postaichean a thèid a bhrosnachadh is chan eil smachd aig "algairim" air seo idir
  • Air frithealaichean beaga, tha e nas fhasa dhèiligeadh ri droch-dhìol: gheibh thu grèim air an fheadhainn a tha a’ ruith nam frithealaichean gun chnap-starra ma dh’èireas trioblaid. Gabhaidh droch-fhrithealaichean a bhacadh cuideachd ach an cùm thu na Nazis fad air falbh uat.
  • Cha dèid fiosrachadh mud dhèidhinn a sgrùdadh no a reic
  • Chan eil sanasachd ann
  • Cha dèid sgudal connspaideach sparradh ort
  • Tha na seirbheisean stèidhichte air bathar-bog saor is mar sin dheth gabhaidh an eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig

Air an làimh eile
  • Tha àireamh nas lugha de dhaoine ann agus feumaidh sinn a bhith foighidinneach gus an dig barrachd dhaoine a-nall ’s am faigheamaid an critical mass mar gum biodh. Chì thu co mheud neach a tha ann air the federation. Bha còrr is 6 millean aig an àm a sgrìobh mi seo.
  • Seach air a’ phost-d, chan eil sinn cleachdte ri bhith a’ conaltradh le iomadh frithealaiche. Gidheadh, cha doir e fada gus am bi thu cofhurtail leis.

Càite an dèid mi agus ciamar?

Mur eil thu airson an còrr a leughadh, bidh fàilte chridheil romhad air an Ailbhean - siuthad is feuch e!

Tha cunntasan air a’ cho-shaoghal ag obair coltach ri seòlaidhean puist-d:
  1. Tagh seirbheis no frithealaiche a tha a’ còrdadh riut, can ball-eisimpleir.social
  2. Clàraich cunntas le far-ainm, can cuideigin
  3. Sin agad e, ’s e cuideigin@ball-eisimpleir.social a th’ ort a-nis
  4. Nise on a tha thu ann, cuir beagan fiosrachaidh ris a’ phròifil agad is sgrìobh post leis an taga hais #introduction no #fàilte
  5. Thoir sùil air na loidhnichean-ama poblach is eòlaire nam pròifil ach an lorg thu daoine a tha inntinneach dhut

’S urrainn dhut iomadh cunntas air iomadh seirbheis no frithealaiche fhaighinn cuideachd ma thogras tu, can airson videothan a chur an àirde no airson bruithinn mu chuspairean sònraichte.

Mìnichidh mi dè na seirbheisean as cudromaiche a tha ann a-nis agus càite an lorg thu iad. Mholainn gun tagh thu an t-seirbheis a tha a-rèir na tha thu fhèin airson fhoillseachadh – cuimhnich gur urrainn dhut a h-uile càil a leughadh is beachdan a chur ris co-dhiù ge b’ e càite a bheil an làrach-dhachaigh agad.

Ma tha taic a dhìth ort, thoir iomradh orm le @gunchleoc@ailbhean.co-shaoghal.net. Tha taga hais #FediHelp ann cuideachd airson ceistean a chur.

Nise, bheir sinn sùil air na seirbheisean a tha ri fhaighinn air a’ cho-shaoghal.

Teacsaichean goirid: Mastodon seach Twitter

mastodon-logo.png
 
Tha Mastodon coltach ri Twitter, ach le barrachd chomasan:
  • Tha 500 caractar agad mar as àbhaist
  • ’S urrainn dhut gleus a chur air na dealbhagan agad le puingean fòcais
  • Taic OCR airson dealbhan a mhìneachadh dhan fheadhainn air a bheil cion-lèirsinne
  • ’S urrainn dhut nithean fhalach fo rabhaidhean susbainte
  • Tha innealan làidir an aghaidh droch-dhìol am broinn Mastodon a chuidicheas ach an dìon thu thu fhèin
  • Eadar-aghaidh sa Ghàidhlig
  • ’S urrainn dhut cur romhad nach fhaic thu ach postaichean sa Ghàidhlig ma thogras tu
  • Trì loidhnichean-ama:
    • Pearsanta: Na daoine a leanas tu fhèin
    • Ionadail: Na sgrìobh na daoine aig a bheil an aon fhrithealaiche ’nan dachaigh
    • Co-naisgte: A h-uile càil air a bheil am frithealaiche eòlach, le postaichean o fhrithealaichean eile cuideachd

Seo far am faigh thu e:

Buidhnean: Friendica seach Facebook

friendica-logo.png
 
Tha Friendica coltach ri Facebook, le buidhnean is tachartasan ann. Gabhaidh a cho-nasgadh le cunntas Twitter cuideachd.


Seo far am faigh thu e:

Tachartasan: Mobilizon seach Facebook

mobilizon-logo.jpg
 
Bheir Mobilizon buidhnean is tachartasan dhuibh. Tha e cuideachd ag amas air luchd-iomairt a bhiodh fo chunnart ’s dòcha agus comas ann airson pàirt a ghabhail gun urra. Tha e iomchaidh do thachartas de sheòrsa am bith ge-tà.

Seo far am faigh thu e:

Videothan: PeerTube seach YouTube

peertube-logo.png
 
’Se làrach ag amas air videothan fada a th’ ann am PeerTube.

Seo far am faigh thu e:

Dealbhan: Pixelfed seach Instagram

pixelfed-logo.png
 
Gheibh thu dealbhan-camara agus videothan goirid air Pixelfed.

Seo far am faigh thu e:

Pod-chraolaidhean: Castopod seach Spotify

castopod-logo.png
 
Tha Castopod ag amas air pod-chraolaidhean.

Seo far am faigh thu e:



Ceòl: Funkwhale seach SoundCloud

funkwhale-logo.png
 
Tha Funkwhale ag amas air ceòladairean.

Seo far am faigh thu e:

… agus mòran a bharrachd!

Tha fiù ’s a’ bharrachd ann na mhìnich mi. Seo làraichean le foir-shealladh mun cho-shaoghal:

An deasachadh mu dheireadh: 8mh dhen t-Samhainn 2022 23:39:50