Naidheachdan

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Obair air an fhrithealaiche


Roinnean-seorsa: Mastodon
Bidh mi ag obair air an fhrithealaiche an t-seachdain seo feuch an àrdaich mi a h-uile càil.

Mar sin dheth, dh'fhaoidte gum bi am frithealaiche sìos o àm gu àm.

Bùrach air an DNS


Roinnean-seorsa: Mastodon
Rinn mi oidhirp eile an-diugh am frithealaiche a ghluasad ach bha an dearbhadh dà-cheumnach briste an uairsin. Tha sinn air ais air an t-seann-fhrithealaiche a-nis ach tha na frithealaichean DNS fhathast troimhe-chèile. Ma tha sibh a' faicinn sgleò air na dealbhan fhathast no mura ruig sibh an làrach, sin as adhbhar.
Ma tha sibh mì-fhoighidinneach is air Linux. Seo cleas:

$ sudo nano /etc/hosts

Cuiribh an dà loidhne seo ris (le taba eadar an àireamh 's an t-ainm:

167.235.138.27 ailbhean.co-shaoghal.net
167.235.138.27 media.ailbhean.co-shaoghal.net

Bidh am frithealaiche sìos greiseag


Roinnean-seorsa: Mastodon
Tha mi ag obair air an fhrithealaiche an-diugh. Bithibh an dùil gum bi an t-Ailbhean sìos fhad 's a bhios mi a' gluasad nithean.

Frithealaiche air a chàradh


Tha an t-Ailbhean ag obair a-rithist.

Tha mi ag amas gun cuir mi na faidhlichean meadhain air frithealaiche fa leth san àm ri teachd ach am bi aiseag dhen leithid nas luaithe.

Frithealaiche sìos


Bha am frithealaiche Mastodon sìos nuair a dhùisg mi an-diugh is bheir an t-aiseag greis fhathast. Tha mi duilich mu sin!


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:

Gu:

Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 14mh dhen t-Sultain 2023 17:10:02