A' sealltainn naidheachd a-mhàin

Bùrach air an DNS


Roinnean-seorsa: Mastodon
Rinn mi oidhirp eile an-diugh am frithealaiche a ghluasad ach bha an dearbhadh dà-cheumnach briste an uairsin. Tha sinn air ais air an t-seann-fhrithealaiche a-nis ach tha na frithealaichean DNS fhathast troimhe-chèile. Ma tha sibh a' faicinn sgleò air na dealbhan fhathast no mura ruig sibh an làrach, sin as adhbhar.
Ma tha sibh mì-fhoighidinneach is air Linux. Seo cleas:

$ sudo nano /etc/hosts

Cuiribh an dà loidhne seo ris (le taba eadar an àireamh 's an t-ainm:

167.235.138.27 ailbhean.co-shaoghal.net
167.235.138.27 media.ailbhean.co-shaoghal.net